About the Partnership

Ann am Muile agus Idhe tha sinn air a bhith ‘g oidhirpeachadh air a bhith cuir air adhart an cànan agus an cultair ann an dòighean eadar- dhealaichte – gu sonraichte le bhith ruith clasaichean oidhche, clasaichean deireadh-sheachduin agus, clasaichean tro’n làtha air son pàrantan aig a’ bheil clann anns an t-Ionad Mheadhon Gàidhlig anns an t- Sàilean.

Roimh seo bha sinn cuideachd a ruith Cùrsaichean Bogaidh air an deireadh-sheachduin. Bha iad sin gu math soirbheachal agus air a frithealadh le muinntir ionadail agus bho feadh Alba.

‘Be sinne a chiad Co-Roinn Gàidhlig a stéidhich làrach-liòn agus, tro’n làrach-lìn sin, b’e Mòd Ionadail Mhuile a chiad Mòd a riamh a chaidh a chraobh-sgaoladh air camera-lìn ann an 1999. A thuilleadh air a sin thug sinn taic do thachartasn eadar-dhealaichte agus, air a bha sinn a saoilsinn freagarrach air son an cànan agus an cultair a chumail suas, thug sinn seachad ar beachd air aithisgean sonraichte air a bha iad air am foillseachadh.

Còmhla ri sin chuidich sinn oifigearan na Comhairle a thaobh comharaidhean Gàidhlig air son bailtean, sràidean agus mar sin air adhart. An dràsda tha sinn a cuir air adhart pròiseact, “Gàidhlig Coimhearsnachal”, agus tha sinn a cuimseachadh air daoine tha déiligeadh ris a phobull ann an dòigh sam bith: tha sin a gabhail a steach luchd gniòmh ionadail agus daoine tha ‘g obair ann am bùitean, taighean-òsda, ionadan-turusdach, agus eile. Gu math tric ‘se luchd-turuis a bhitheas anns a “phobull” ach, cha’n e an còmhnaidh. Tha sinn a feuchainn ri bhith toirt gu aire dhaoine gu bheil cànan eile air a bruidhinn anns na h-eileannan seo agus gu bheil buaidh aig a sin air ar cultair agus dòigh-beatha.’Se tha againn anns an amharc gu faigh na daoine sin eòlas a choréigin air a Ghàidhlig, ged nach eil sinn a sùileachadh gum bi iad fileanta! Bu chòir dhoibh a bhith comasach air còmhradh gu sìmplidh anns a Ghàidhlig agus tuigse bhith aca air dé tha ainmeanan-àite agus ainmeanan cruth-nàdura, mar lochan agus bheanntann, a ciallachadh. Mar sin gheibh iad barrachd eòlas air cultair na Gaidhealtachd agus na Gàidhlig agus bi e ‘nas fhurasda dhoibh bhi air an gabhail a steach do’n choimhearsnachd.

Bi seo na chuideachadh ann a bhith gléidheil agus a cuir air adhart ar dualchas agus ag àrdachadh iòmhaigh na Gàidhlig anns na h-eileannan seo; bheir seo cuideachds misneach do luchd-gniòmh agus eile iad fhéin a dhol an sàs ann an gnothaichean cultair ionadail.

An t-Àm Ri Teachd

Bho thòisich sinn air na pròiseactan seo tha e follaiseach dhuinn gu bheil feum againn air àite sonraichte gu bhith na mheadhon air son gniòmhachasan Gàidhlig air an eilean. Le seo anns an amharc tha sinn a lorg togalach gu bhith air a chleachdadh mar Mheadhon Gàidhlig. Chan eil fhios againn fhathast c’àite am bì seo ach, ge be àite ‘sam bì e, bì gniòmhachasan Gàidhlig a dol air adhart air feadh an eilein agus chan ann a mhàin anns a “Mheadhon Gàidhlig”.

Bì am Meadhon air a chleachdadh air son gniòmhachasan comhcheangailte ri Gàidhlig agus air son a bhith stòradh goireasan agus àirneis a dh’fhaodas a bhith air an cleachdadh a mach tro’n eilean.

Mar cheum ann a bhith faighinn togalach tha sinn clàraichte mar “Chòmpanaidh Limited by Guarantee” agus tha faisg air ceud ball againn, agus tha iad sin a toirt taic dhuinn agus a ‘g aòntachadh ris na tha sinn a ‘g amas air a bhith deanamh.